Biel/Bienne

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
The printable version is no longer supported and may have rendering errors. Please update your browser bookmarks and please use the default browser print function instead.
Biel/Bienne
Mapa Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Eilbheis
Roinn Eilbheiseach Bern
Cànan Gearmailtis (55.4%)
Fraingis(28.1%)
Co-chomharran 47° 08 00′ Tuath
07° 15 00′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 21.23 km²
Àireamh-shluaigh 51,203 (2010)
Dlùths 2,411.82/km²
Àireamh fòn + 41 31
Duilleag oifigeil http://www.biel-bienne.ch

‘S e baile mòr ann an ceann a tuath na h-Eilbheis a th’ ann an Biel (Gearmailtis) neo Bienne (Fraingis). ‘S ann às an Dia Ceilteach Belenus a tha an t-ainm (Gàidhlig Bealltainn). Chaidh am baile seo a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1142 mar Apud Belnam ged an robh daoine air a bhith a’ fuireach an seo ro àm nan Ròmanach. Tha e suidhichte dìreach ri taobh Loch Biel (Gearmailtis: Bielersee, Fraingis: Lac de Bienne), aig 668m os cionn ìre na mara[1] anns an roinn (Gearmailtis: Kanton) Bern, 102km air falbh bho Zürich, 132km bho Ghenève agus dìreach 26km bho Bhern, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 51,203 duine a’ fuireach anns a’ bhaile, an 10mh baile as motha na dùthcha a-rèir àireamh-sluaigh.[3] ‘S e Gearmailtis an cànan a tha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Biel/Bienne, ach tha Fraingis aig mòran dhaibh cuideachd.

Daoine Ainmeil

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

  1. Mongabay
  2. Distance Calculator
  3. Bailtean na Cruinne
  4. Stadt Iserlohn

Ceanglaichean A-mach