Ae

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
The printable version is no longer supported and may have rendering errors. Please update your browser bookmarks and please use the default browser print function instead.
Ae

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 08' 27″ Tuath
03° 47′ 31″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 200 (2011)
Àireamh fòn 01387
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phris, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Ae. Tha e suidhichte aig 136m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe na roinne Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Bàrr na Dris agus Am Magh Fada, ri taobh an Uisge Ae. Tha e 14km air falbh bho Dhùn Phrìs agus 110km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. Tha dìreach 200 duine a’ fuireach anns a’ bhaile agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Ae. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air coilltearachd agus turasachd, gu seachd araidh baidhseagal nam beann.[2]

Freumhan an ainm

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, 's e Ae an dàrna ainm-àite as giorra ann an Alba air fad an dèidh Ì, a bhathar a' sgrìobhadh Æ ro 1787.[3] Thathar dhen bheachd gur ann às an t-seann Lochlannais aa (Gàidhlig: uisge) a tha an t-ainm. 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheis na h-Alba,[4] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir.

Eachdraidh

Tha am parraist seo, air an robh Cille Mhìcheil, a-staigh parraist Cille Mhìcheil, Tinwald agus Torthorwald a-nis [5] A-rèir carragh-chuimhne ionadail, fhuair 31 às an sgìre bàs sa Chogadh Mòr[6] agus ochdnar eile san Dàrna Cogadh. Chaidh am baile fhèin a stèidheachadh dìreach ann an 1947.[7] An dèidh an dàrna cogaidh Coimisean na Coilltearachd airson choilltean a chur ann am boglaichean far nach robh coille neo coille ann mar-thà, fiù 's shuas aig còrr is 530m os cionn ìre na [mara. Tha giuthas dhen a h-uile seòrsa ann: giuthas-Sitka, giuthas-learaige, giuthas-Albannach agus Spruis uabhasach cumanta sa sgìre. A bharrachd air sin, tha an sgìre loma-làn ainmhidhean, gu h-àraidh fèidh, sionnaich, gearraidhean, neasan, calmain, Buidheagan-bealaidh, speireagan, sgreuchain-choille, feasain agus cearcan-tomain.

Iomraidhean

  1. Falling Rain
  2. 7 Stanes
  3. Great Britain House of Lords (1787), Journals of the House of Lords / Great Britain, Parliament, House of Lords 38, HMSO
  4. Ordanance Survey
  5. KTT
  6. Scottish War Memorials Project
  7. Reader's Digest Association (1990), Book of British Villages, Lunnainn: Reader's Digest, ISBN 0-276-42018-7, OCLC 35330841